16 Jan - 2 Feb 2025

Gaelic music takes centre stage at Celtic Connections this week

CEÒL GÀIDHLIG AIG CRIDHE THACHARTASAN CELTIC CONNECTIONS AN t-SEACHDAIN SEO

Gaelic musicians will be at the heart of the action this week at Celtic Connections as six exciting Gaelic strand shows take place across Glasgow.

Bidh luchd-ciùil Gàidhlig aig cridhe nan gnìomhaidhean aig Celtic Connections an t-seachdain seo agus sia taisbeanaidhean Gàidhlig a’ gabhail àite air feadh Ghlaschu.

The gigs are part of a jam-packed and vibrant programme of events taking place at Celtic Connections 2022 until Sunday 6 February, which showcases the brightest and best of traditional folk, roots, Americana, jazz, soul, indie and world music in Glasgow.

Tha na tachartasan mar phàirt de phrògram loma-làn is beòthail a tha a’ tachairt aig Celtic Connections 2022 gu Didòmhnaich 6 Gearran, a bhios a’ taisbeanadh na tha nas fheàrr agus nas tarraingiche de cheòl traidiseanta, freumhan, Americana, jazz, soul, indie agus ceòl na cruinne ann an Glaschu.

Gnoss: The Light of the Moon and Mairi McGillivray will kick off the Gaelic strand at The Mackintosh Church on Thursday 3 February.

Gnoss: Bidh The Light of the Moon agus Màiri NicGilleBhrath a’ cur a’ chiad dual de thachartasan Gàidhlig air bhonn ann an Eaglais Mhic an Tòisich air Diardaoin 3 Gearran.

Mother Tongue: Kathleen MacInnes, Breanndán Ó Beaglaoich and Cynefin will take place at Glasgow Royal Concert Hall, Strathclyde Suite on Thursday 3 February. The event marks the start of the UN Decade of Indigenous Languages (2022 - 2032) and will see Gaelic, Welsh and Irish musicians coming together to explore songs of world, land and people in their mother tongue.

Mother Tongue: Bidh an tachartas seo le Kathleen NicAonghais, Breandán Ó Beaglaoich agus Cynefin a’ gabhail àite ann an Seòmar Shrath Chluaidh, Talla Rìoghail Ghlaschu, air Diardaoin 3 Gearran. Tha an tachartas a’ comharrachadh toiseach Deichead Cànanan Tùsanach nan Nàiseanan Aonaichte (2022 - 2032) agus chithear ceòladairean

Gàidhlig, Cuimreach agus Èireannach a’ tighinn còmhla gus òrain na cruinne, na dùthcha agus nan daoine a rannsachadh nan teanga mhàthaireil.

Sing Me a Story – Cuir Seinn ri Seanchas, part of the Celtic Connections ‘Whisper the Song’ series of events celebrating Scotland’s Year of Stories, will take place at Mitchell Theatre on Friday 4 February. The magical evening will celebrate the Highlands and Islands’ storytelling tradition and the spectacular music that goes along with it.

Gabhaidh Sing Me a Story – Cuir Seinn ri Seanchas, pàirt den t-sreath thachartasan ‘Whisper the Song’ a’ comharrachadh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba, àite ann an Taigh-cluiche Mitchell air Dihaoine 4 Gearran. Bidh am feasgar draoidheil seo a’ comharrachadh nòs sgeulaichean na Gàidhleactachd ’s nan Eilean agus an ceòl mìorbhaileach a tha a’ dol leis.

Fèis Rois with Avanc will continue the Gaelic festivities on Saturday 5 February at Glasgow Royal Concert Hall, Strathclyde Suite. The event is a joint celebration between multi-award-winning Gaelic arts body Fèis Rois and Welsh folk development charity Trac Cymru.

Leanaidh Fèis Rois le Avanc na subhachasan Gàidhlig sin air Disathairne 5 Gearran ann an Talla Rìoghail Ghlaschu. Tha an tachartas seo na cho-shubhachas eadar buidheann ealain Ghàidhlig Fèis Rois a choisinn iomadh duais, agus an carthannas leasachaidh Cuimreach, Trac Cymru.

Heidi Talbot & Dirk Powell with Kim Carnie will take place at The Mackintosh Church on Saturday 5 February. Gaelic singer Kim Carnie will take to the stage to perform a stellar set which will feature new material.

Ann an Eaglais Mhic an Tòisich, bidh Heidi Talbot is Dirk Powell còmhla ri Kim Carnie air àrd-ùrlar Disathairne 5 Gearran. Gabhaidh an seinneadair Gàidhlig, Kim Carnie, chun an àrd-ùrlair gus seata air leth a ghnìomhadh a bhios a’ nochdadh stuth ùr.

Hebrides five-piece Eabhal will perform traditional songs alongside contemporary and self-penned tunes for audiences at Oran Mòr on Saturday 5th February, while celebrated multi-instrumentalist and Gaelic folk singer Julie Fowlis will join RURA on stage at the Theatre Royal the same evening.

Tha còignear ann an còmhlan Eabhal à Innse Gall agus bidh iad a’ gnìomhadh òrain thraidiseanta còmhla ri fuinn cho-aimsireil agus fèin-sgrìobhte do luchd-èisteachd ann an

Òran Mòr air Disathairne 5mh Gearran, fhad ’s a bhios an seinneadair Gàidhlig agus cluicheadair ioma-ionnsramaid, Julie Fowlis, còmhla ri RURA air fheasgar cheudna air àrd-ùrlar san Taigh-cluiche Rìoghail.

Rounding off the Gaelic strand is Sian with Michael McGoldrick Quintet and Leyla McCalla at Glasgow Royal Concert Hall, New Auditorium on Saturday 5 February.

A’ cur crìoch air an dual Ghàidhlig, bidh Sian còmhla ri Còmhlan-còig Mhìcheil MhicGoldrick agus Leyla McCalla ann an Ionad-èisteachd Ùr Talla Rìoghail Ghlaschu, air Disathairne 5 Gearran.

Donald Shaw, Creative Producer of Celtic Connections, said: “We’re delighted to have such an incredible line up performing across our Gaelic strand of events this year. Gaelic music, culture and language has always been an important part of the festival and we’re so glad to continue that tradition.

“We hope these performances will showcase the level of talent that the Gaelic music scene has to offer and that Gaelic speakers and non-Gaelic speakers alike will enjoy the fresh and dynamic takes on traditional sounds.”

Thuirt Dòmhnall Seaghach, Riochdaire Cruthachail Celtic Connections: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil a leithid de thàlant againn a’ cur an gnìomh tarsainn an t-sreath de thachartasan Ghàidhlig am-bliadhna. Tha ceòl, cultar is cànan a-riamh air a bhith nam pàirt cudromach den fhèis agus tha sinn cho toilichte an traidisean sin a chumail a’ dol.

“Tha sinn an dòchas gun taisbean na gnìomhaidhean sin an ìre de thàlant as urrainn do shaoghal ciùil na Gàidhlig a thabhann, agus gum faigh luchd-labhairt na Gàidhlig agus gun Ghàidhlig, tlachd às a’ chluich ùr agus bheòthail air na fuaimean traidiseanta.”

Tickets for Celtic Connections 2022 are on sale now at / Tha tiogaidean do Celtic Connections 2022 rim faighinn aig www.celticconnections.com.